
Chaidh pròiseact a tha ag amas air dual-chainntean 's dualchas na Gàidhlig a leasachadh a chur air bun-stèidh ùir.
'S e Àdhamh Ó Broin a thòisich a' phròiseact air a bheil Dòrlach a-nise bho thùs.
Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, tha e air a bhith air falbh air feadh na Gàidhealtachd is e ag amas air dualchas a tha ann an cunnart a dhol à bith a chlàradh.
A bharrachd air sin, tha Mgr. Ó Broin air a bhith ag obair gu sònraichte air Gàidhlig Cheann a Deas Earra-Ghàidheal ath-bheothachadh.
Cunnart
Tha e ag ràdh gu bheil seann daoine ann an iomadh sgìre aig a bheil dual-chainntean Gaidhlig agus seanchas prìseil a bhios air chall mura tèid a chruinneachadh.
Ann an oidhirp an suidheachadh a neartachadh, tha Dòrlach a-nise air a stèidheachadh gu h-oifigeil mar bhuidhinn-chathrannais.
"Bhon stad Sgoil Eòlais na h-Alba air trusadh seanchas ann an 1990, tha beagan clàrachaidh air a bhith a' dol an seo is an siud aig daoine fa leth, ach chan eil buidheann air a bhith ann a tha air a bhith a' clàrachadh dhaoine, na daoine a tha fhathast air fhàgail", thuirt Àdhamh Ó Broin.
"Mar sin, 's e cathrannas oifigeil a th' annain a-nise", thuirt e.
Tha Dòrlach a' cur romhpa fhèin clàraidhean a dhèanamh thall 's a bhos is taic a chumail cuideachd ri feadhainn eile a tha ris an obair seo iad fhèin.
A bharrachd air sin, chuireadh iad fàilte air clàraidhean a rinneadh roimhe is dùil gun tèid làrach-lìn a stèidheachadh le fiosrachadh air dual-chainntean is dualchas eile.
"Iomadachd"
Tha Mgr Ó Broin a' cumail a-mach gur e pròiseact fhada a bhios ann ach gum feum iad gluasad gu sgiobalta.
"Bha a' Ghàidhlig a-riamh, bha iomadachd mhòr ann a thaobh dual-chainnt is cha mhòr nach eil blas eadar-dhealaichte anns a h-uile gleann is a h-uile eilean.
"Nuair a chailleas sinn sin, caillidh sinn am beartas a tha sa chànan.
"Chan eil mi am beachd gu bheil Gàidheal beò an là an-diugh ris nach còrd e ri cluinntinn dhaoine bho àiteachan eile, ach thig là - tha mi an dòchas nach tig - ach theagamh gun tig là san àm ri thighinn nuair nach bi sin ri chluintinn idir agus chan e ach a' chànan stèidhichte a bhios ann", thuirt e.