
Thèid 12 flataichean a th' air a dhol bhuaithe ann an Inbhir Pheofharain a leagail.
Thèid 14 taigh agus flat ùr, air a bheil cruaidh-fheum sa bhaile, nan àite.
Chan eil feum tuilleadh ann an cuid de na dachannan air Rathad Meiklefield agus sna sràidean timcheall mar dhachannan comhairle, 's cha ghabh an càradh tuilleadh gu h-eaconomach.
Chuir coimhearsnachd na sgìre fàilte air an naidheachd.
"'S e a' chiad phàirt den phròiseact, measgachadh de 14 flataichean agus taighean," thuirt an Comh. Màiread Paterson.
Tlachd
"Bidh e mìorbhaileach, agus tha sinn air bhioran mu dheidhinn.
"B' e coimhearsnachd làn cùraim a bh' ann an Rathad Meiklefield agus Ceàrnag Meiklefield.
"Chan atharraich sin, oir tha gu leòr de na daoine airson tilleadh ann.
"Tha sinn air dachannan eile a lorg dhaibh, 's tha cuid glè thoilichte fuireach anns na taighean a lorg sinn dhaibh.
"Ach tha àireamh nach beag ag iarraidh tighinn air ais, oir 's ann an sin a chòrd e riutha a bhith a' fuireach an seo.
"Agus bidh cothrom ann do dhaoine eile tlachd fhaighinn à bhith a' fuireach ann an sgìre shònraichte de dh'Inbhir Pheofharain," thuirt i.