
Chaidh cùis ur de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar 'son a' chiad turas bhon Mhàrt.
Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil a' chùis ann an Leòdhas is gu bheil e ceangailte ri siubhail gu Tìr-Mòr.
Thuirt iad gu bheil obair air tòiseachadh gus lorg fhaighinn air feadhainn a bha faisg air an neach leis a' bhìoras is gu bheil grunn dhaoine gan cumail fhèin fa leth.
Dhearbh am bòrd-slàinte an t-seachdain seo gu bheil a h-uile inbheach anns na h-eileanan a-nise air cuireadh fhaighinn tighinn air adhart airson a' chiad dòs den bhanachdaich fhaighinn.
Clionaigean
'S iad a' chiad sgìre ann an Alba a th' air a' chlach-mhìle seo a ruighinn.
Tha am bòrd-slàinte ag ràdh gum faod feadhainn nach d'fhuair a' chiad dòs air adhbhar air choireigin fios a chur orra gus àm a chur air dòigh.
Thuirt iad cuideachd gun robh clionaig aca ann an Steòrnabhagh Diciadain far an d'fhuair còrr is 700 duine an dàrna dòs.
Dh'innis iad gun lean clionaigean air feadh nan Eilean Siar anns na làithean ri thighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2021
