Fearg mu dhàil eile air an Loch Seaforth

  • Air fhoillseachadh
MV Loch Seaforth

Tha fearg ann às ùr mu sheirbheisean aiseig is dàil a bharrachd air an MV Loch Seaforth a bhith a' tilleadh gu seirbheis.

Bha còir aice a bhith air ais air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul Diluain seo tighinn, ach nochd trioblaid teicnigeach agus i a' dol fo dheuchainn.

Thathas a' tuigsinn gu bheil feum air obair a bharrachd air fear dhe na h-einnseanan aice.

Tha dùil gum bi an 21mh là den mhìos seo ann a-nise, aig a' char as tràithe, mus till i a Steòrnabhagh is CalMac ag aideachadh gum faod an ceann-là seo atharrachadh fhathast.

Fearg

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, gur e suidheachadh "do-chreidsinneach" a th' ann.

Bha ceannardan ChalMac air innse dhan Chomhairle Diciadain aig còmhraidhean mu aiseagan gum biodh an Loch Seaforth air ais ann an seirbheis aig toiseach na seachdain.

Bha am bàta mar-thà a-mach à seirbheis fad grunn sheachdainnean air sgàth trioblaid einnsein, rud a dh'adhbharaich troimhe-chèile air feadh lìonra Chal Mac.

Thabhainn àrd-stiùiriche Chal Mac, Robbie Drummond, leisgeul às ùr airson an t-suidheachaidh.

Thuirt e gu bheil a' chompanaidh a' dèanamh an dìcheall airson fiosrachadh a chumail ri luchd-siubhail agus gnothachasan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo