
Bha Bethany Walker 18 nuair a bhàsaich i
Chaidh àite-laighe ùr do heileacoptairean a chaidh a thogail mar chuimhneachan air deugaire a bhàsaich le flu agus saipseas a chleachdadh airson a' chiad uair.
Bhàsaich Bethany Walker, a bha 18, agus a bha a' fuireach air a' Chomraich, san Fhaoilleach 2018.
Chaidh an t-àite-laighe a thogail aig stèisean-smàlaidh a' bhaile le airgead a chaidh a chruinneachadh leis a' choimhearsnachd.
Laigh heileacoptair Mhaor-Cladaich Inbhir Nis air an helipad Dimàirt tro iomairt-cobhair air boireannach a chaidh a leòn às dèidh dhi tuiteam.
Thuit am boireannach air creagan is coltas ann gun do bhrist i a cruachan.

Chaidh an helipad a chleachdadh Dimàirt is cobhair ga dhèanamh air boireannach a thuit air creagan air a' Chomraich
Coimhearsnachd
Chaidh a togail chun a' charbaid-eiridinn agus às dèidh sin gu heileacoptair nam Maor-Cladaich a thug i dhan Ospadal.
Bha RNLI a' Chaoil, sgioba-teasairginn ionadail agus Seirbheis Ambaileans na h-Alba uile an sàs san iomairt chobhair.
"Seo a' chiad uair a chaidh àite-laighe ùr coimhearsnachd na Comraich a chleachdadh agus bha e math a bhith a' faicinn a h-uile sìon ag obair cho math còmhla", thuirt neach-labhairt bho bhàta-teasairginn a Chaoil.
"Tha mi cinnteach nach e seo an turas mu dheireadh far am faicear an t-àite-laighe a' dèanamh feum mhòir anns a' choimhearsnachd", thuirt iad.

Heileacoptair Mhaor-Cladaich Inbhir Nis aig an t-àite-laighe ùr