Mì-thoileachas mu sheirbheis aiseig Ìle

  • Air fhoillseachadh
MV Isle of ArranTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S i an MV Isle of Arran a th' air àite an MV Hebridean Isles a ghabhail air slighe Ìle.

Tha dragh ann an Ìle a thaobh mar a tha suidheachadh an MV Loch Seaforth a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig an eilein.

Mar as àbhaist 's iad an MV Finlaggan agus an MV Hebridean Isles a bhios a' frithealadh an eilein is iad a' tighinn is a' falbh gu ruige Port Asgaig agus Port Ilein.

Ach air sgàth gu bheil aiseagan gan gluasad gu pàirtean eile dhen lìonra ri linn nan trioblaidean leis an MV Loch Seaforth tha e a' ciallachadh gun deach a Hebridean Isles a chur air slighe eile agus an MV Isle of Arran a tighinn na h-àite.

Chan eil ach aon seòladh a' dol gu Port Ilein a-niste seach trì mar a bha.

Tha sin a' cur dragh air gnìomhachasan sa cheàrnaidh sin is aca ri feitheamh nas fhaide air an là airson bathair fhaighinn.

Bathair

"Chan eil an seòladh aig 07:00 a-nis a fàgail Ceann na Creige gu 08:00 agus i a-nis a' dol gu ruige Port Asgaig", thuirt Elliott Bowman a tha a' fuireach san sgìre.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil bathair a ruighinn ceann a deas an eilein dà uair a thìde nas anmoiche na an àbhaist", thuirt e.

"Tha luchd-obrach nam bùithtean fhathast a' cur stuth air na sgeilpichean tron fheasgair nuair a bu chòir sin a bhith deiseal sa mhadainn.

"Agus, tha draibhearan nan làraidhean ga fhaighinn doirbh crìoch a chur air an obair lìbhrigidh aca ann an àm airson seòladh 15:30 a ghlacadh a-mach à Port Asgaig," thuirt e.

Dhearbh stiùiriche seirbheisean ChalMac, Raibeart Moireasdan, gun till an clàr-ama chun an àbhaist nuair a thilleas an MV Hebridean Isles.

Thuirt e cuideachd gun robh iad air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh gu ruige Ìle leis an MV Finlaggan gus barrachd àiteachan a thabhainn do luchd-siubhal.