Naidheachdan 11:00m
Caibineat Ùr
Tha Nicola Sturgeon a' cur caibineit ùir air dòigh ron t-seirbheis aig Cùirt an t-Seisein an-diugh aig an gabh i a bòidean mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Cha bhith dithis a bha ùine san Riaghaltas, Fearghas Ewing agus Fiona Hyslop, sa chaibineat an turas seo. Tha Ms Sturgeon air John Swinney a chur gu dreuchd shònraichte airson ath-leasachadh às dèidh Chovid.
Deuchainnean Covid
Tha oidhirp mhòr le deuchainnnean Covid ann an ceann a deas Ghlaschu far a bheil dragh mun astar aig a bheil am bhìoras a' sgapadh agus ìre na seachdain seo air èirigh gu còrr is 100 cùis gach 100,000. Tha a' Chrois Dhearg a' toirt taic a-niste dhan NHS a' roinn a-mach dheuchainnean gus am faigh iad sgeul air dè na sgìrean as miosa.
Bochdainn
Tha buidhnean a tha ag iomairt an aghaidh bochdainn chloinne ag ràdh gu bheil fianais aca air an trioblaid a' fàs nas miosa anns an h-uile sgìre comhairle an Alba. Tha iad ag ràdh ged a tha ìre bochdainn na h-Alba gu math nas lugha na th' ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, nach eil àite ann airson somaltachd ma tha iad a' dol a' thighinn air na targaidean gu math nas lugha a chuir Riaghaltas na h-Alba a-mach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil iad somalta agus gu bheil iad a' gealltainn Sochair na Cloinne a dhùblachadh.
Deic
Tha gearain ann an Uibhist air call eaconomach leis nach eil an deic mezzanine ga chleachdadh an-dràsta air a' bhàta-aiseig an Hebrides, ri linn riaghailtean Covid. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh nach eil ùine ann am mezzanine a ghlanadh eadar gach seòladh ma tha iad airson cumail ri clàr-ama an t-Samhraidh agus gun deach sin a dhèanamh le aonta na coimhearsnachd. Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh ge-tà, gu bheil cion àite air a' bhàta a' toirt droch bhuaidh orrasan.
Am Mòd
Thuirt an Comunn Gàidhealach gum bi dreach a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis am-bliadhna a rèir am faigh iad taic-airgid £80,000 bho Chomhairle na Gàidhealtachd. Bha aithisg mu choinneimh Comataidh Gàidhlig na Comhairle an-dè, agus bidh co-dhùnadh mun taic dhan Mhòd aig Comataidh nan Goireasan Corporra an ath-sheachdain.