
Tha Bunait Croitearachd na h-Alba a' toirt rabhaidh gum faodadh aonta malairt a thathas a' moladh le Astràilia coimhearsnachdan croitearachd air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chur ann an cunnart.
Tha dragh orra gun dèan feòil uain agus feòil mhairt nas saoire à tuathanasan mòra Astràilia, far a bheil inbhean slàinte-bheathaichean nas ìsle na tha iad ann am Breatainn, sgrios air a' mhargaidh a th' ann airson na feòla a thig às a' cheann a tuath.
Tha àrd-bhuill ann an caibineat Riaghaltas Westminster air a bhith a' coinneachadh Diardaoin a dheasbad draghan a th' air daoine mu na planaichean, ach tha iad a' cumail a-mach nach dèanadh aonta sam bith dhan cuireadh iad an ainm "cron air tuathanaich no inbhean Bhreatainn".
"Tha prìsean chaorach caran math an-dràsta, agus tha prìs na feòla-màirt math cuideachd," thuirt Cathraiche Bhunait na Croitearachd, Dòmhnall MacFhionnghain.
"Tha sinn airson 's gun lean sin.
"Tha luchd-àraich stuic air a bhith a' dèiligeadh ri prìsean gu math ìosal aig amannan thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.
"Tha prìsean an-dràsta mar a bu chòir dhaibh a bhith mar phàigheadh airson na h-obrach 's a' chunnairt a tha an lùib a bhith ag àrach an stuic a tha seo.
"Dh'fhaodadh an t-aonta malairt seo sin a thoirt air falbh gu tur, agus cothrom a thoirt do cheannaichean neo-sgrùbach ann am Breatainn brath a ghabhail air sin, 's reic nas ìsle na margaidh Bhreatainn, a' putadh sìos prìs nan uan againn."