
Chaidh fàilte mhòr a chur air an naidheachd gu bheil Moireibh ga cur sìos gu Ìre 2 de bhacaidhean Chovid, còmhla ris a' chuid as motha de dh'Alba.
Chan eil an-dràsta air fhàgail aig Ìre 3 ach Glaschu.
Chaidh Moireibh a chumail ann an Ìre 3 nas fhaide na sgìrean eile a' chinn a tuath, agus an àireamh de chùisean Chovid san sgìre air èirigh gu mòr.
Tha na tha de chùisean san sgìre a-niste ge-tà, gu math nas ìsle na bha, 's iad a-niste fo 40 cùis anns gach 100,000 duine.
Airson a dhol gu Ìre 2, feumaidh an àireamh sin a bhith nas ìsle na 50 anns gach 100,000.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun tèid Moireibh sìos gu Ìre 2 aig meadhan-oidhche Haoine, 's an suidheachadh san sgìre air tighinn am feabhas.
Fo riaghailtean Ìre 2, faodaidh taighean-seinnse is taighean-bìdh deoch-làidir a reic a-staigh gu 10:30f, agus faodaidh àireamhan beaga de dhaoine cruinneachadh a-staigh.
Chan eil astarachadh sòisealta a dhìth tuilleadh ann an coinneamhan a-staigh, no ann an gàrraidhean prìobhaideach, agus faodaidh daoine siubhal air ais 's air adhart eadar sgìrean leis an aon inbhe no nas ìsle.
Thugadh leudachadh air sgaoileadh na banachdaich ann am Moireibh, a' toirt a-steach inbheach nas òige, airson smachd fhaighinn air a' bhìoras.
"Cuirear fàilte mhòr air an naidheachd seo gun gluais Moireibh gu Ìre 2 bho mheadhan-oidhche, agus dhèanainn moladh mòr air a' choimhearsnachd, an NHS agus mo cho-obraichean sa Chomhairle airson mar a fhreagair iad na prògraman daingnichte de dheuchainnean agus bhanachdaichean," thuirt Àrd-Stiùiriche Chomhairle Mhoireibh, Roddy Burns.
"Taing cuideachd do choimhearsnachd ghnothachais na sgìre airson an cuid taic agus foighdinn fhad 's a rinn sinn a' chùis air an dùbhlan seo còmhla.
"Tha an naidheachd a' ciallachadh an t-uabhas dha na h-uiread de dhaoine."