
Chaidh Eoghain MacAoidh, 54, a mharbhadh, 's a mhac Pàdraig a dhroch leòn.
B' e dràibhear a bha fo bhuaidh dhrogaichean agus na dibhe a dh'adhbharaich tubaist-rathaid san Eilean Sgitheanach san deach fireannach a mharbhadh.
Bha Anndra MacGumaraid ma sgaoil air urras aig àm na tubaiste san Lunasdal 2018.
Dh'aidich e san Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun do dh'adhbhraich e bàs Eoghain MhicAoidh, 54, le bhith a' dràibhaidh gu cunnartach.
Thachair an tubaist air an rathad eadar Sligeachan is Port Rìgh.
Bha Anndra MacGumaird a' dràibheadh 's e fo bhuaidh cocain agus deoch-làidir.
Bha an car Audi Q7 a' dol aig astar fìor luath agus e a' dol air an taobh cheàrr den rathad le ceithir carbadan a' tighinn dha ionnsaigh.
Bhuail e aon bhana agus an uairsin a' bhana anns an robh Eoghain MacAoidh 's a mhac Pàdraig.
Bhàsaich Mgr MacAoidh, agus chaidh Pàdraig a sgèith dhan ospadal ann an Glaschu far an do chuir e seachad mìos agus e air a leòn mun eanchainn.
Cha b' urrainn dha a dhol gu tiodhlaigeadh athar, agus tha e fhathast a' fulang ri linn nach thachair.
Dh'aidich Anndra MacGumaird, 33, gun robh e a' dràibheadh gu cunnartach agus gun do dh'adhbhraich e bàs.
Thug draibhearan eile a bha air an rathad an là sin fianais seachad air cho dona 's a bha an dràibheadh aig MacGumairaid.
Tha dùil gun tèid binn phrìosain fhada air.
Thuirt teaghlach Mhgr MhicAoidh gur e briseadh-cridhe uabhasach a bh' ann an call Eoghain.