'Gnìomh sa bhad' a thaobh aiseagan

  • Air fhoillseachadh
MV Glen Sannox

Thuirt Bòrd Coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gum feumar dèiligeadh sa bhad ri staing nan seirbhisean aiseig.

Ann am brath oidhche Dhiardaoin, thuirt am bòrd gu bheil feum air fuasglaidhean san aithghearrachd 'son dèiligeadh ri "fàilligidhean" anns na seirbheisean.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil feum air plana a thoirt air adhart airson sealltainn mar a thèid cabhlach ChalMac a leasachadh.

Tha am bòrd coimhearsnachd ag ràdh nach e ceistean ùra a tha seo idir, ach gu bheil an t-àm ann a-nise ro-innleachd a stèidheachadh gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Às aonais sin, thuirt iad gun tèid "tuilleadh croin shòisealta agus eaconomaich" a dhèanamh air na h-eileanan.

Molaidhean

Dh'fhoillsich am bòrd streath de mholaidhean.

Nam measg, tha barrachd àite do bheachd na coimhearsnachd aig a h-uile ìre co-cheangailte ris na seirbhisean aiseig.

Tha iad ag ràdh gu bheil e follaiseach nach eil an siostam a th' ann eadar Còmhdhail Alba, CMAL is CalMac a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd is gum feum guthan nan coimhearsnachdan sin a bhith air an cluinntinn aig àrd-ìre.

Dh'innis iad gu bheil e soilleir cuideachd gu bheil feum air bàtaichean ùra sa bhad is iad a' sireadh ghealltanasan gu bheil a h-uile oidhirp ga dèanamh aiseagan a cheannach no fhaighinn air màl, is mìneachadh air cò a phàigheadh air an son.

Tha iad cuideachd a' ceasnachadh am b' urrainn feum nas fheàrr a dhèanamh de na bàtaichean a th' ann.

Thathas a' moladh cuideachd ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha bàtaichean a' dol dhan doc, agus mar a tha obair-càraidh ga dèanamh orra tron bhliadhna nuair nach eil iad san doc.

Thog am bòrd ceist an gabhadh sgioba taic a stèidheachadh a dh'fhaodadh gluasad timcheall an lìonra mar a bhiodh feum orra.

Soillearachadh

Thuirt iad le feum mòr air aiseagan ùra, gu bheil e deatamach gum faigh coimhearsnachdan gealltanasan air mar a thèid am buidseat a th' ann a chosg is guth aca tron phròiseas.

Feumaidh soillearachadh a bhith ann, tha iad ag ràdh, air cùmhnantan is cò air a bheil dleastanas air an son agus airson phròiseactan togail.

Aig an dearbh àm, tha CalMac ag ràdh gu bheil iad fhathast ag amas air an MV Loch Seaforth a bhith air ais ann an seirbheis air an 28mh den mhìos.

Tha troimhe-chèile ùr air a bhith air seirbheisean Bharraigh an t-seachdain seo is seirbheisean eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil air an gluasad a Mhalaig, rud a dh'fhàg nach d' fhuair cuid de làraidhean le uidheamachd togail a Bharraigh idir, is nach d' fhuair maorach ann am Barraigh gu margaid.

Thuirt Dòmhnall Eosaph MacIlleathain bhon chompanaidh Barralantic gum bu chòir do Chòmhdail Alba a dhol a Bharraigh gus bruidhinn ris a' choimhearsnachd agus faicinn dè a' bhuaidh a th' aig atharrachaidhean orra.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur iad Còmhdhail Alba a b' fheàrr a fhreagradh prìomh phuingean a' bhùird choimhearsnachd a thaobh a' chùmhnant.

"Tha clàr-ama an doca-thioraim air a dhealbh gu faiceallach, agus bidh sinn ga ath-sgrùdadh gu cunbhallach feuch gun coileanar feumalachdan a' chabhlaich," thuirt Stiùiriche Obrach ChalMac, Raibeart Moireasdan.

"Tha seo a' dèanamh cinnteach gun bheil ùine gu leòr ann airson obair sam bith a tha a dhìth.

"'S e CalMac a tha an urra ris a' bhuidseat airson seo, agus a phàigheas airson obair-càraidh sam bith a bharrachd a bhios a dhìth, a' faighinn nan cosgaisean seo air ais ma tha sin iomchaidh.

"Tha sinn misneachail gu bheil an luchd-einnsinnìridh againn a' tuigsinn na tha a dhìth air cabhlach nas sine.

"Chaidh buidseit na h-obrach-càraidh a leudachadh thar nam beagan bhliadhnaichean mu dheireadh mu choinneimh aois nan soithichean. A thuilleadh air sin gheibh sinn maoineachadh bho Chòmhdhail Alba agus CMAL (£14m thar an dà bhliadhna mu dheireadh) a chuireas sinn ri obair-ùrachaidh sa chabhlach, agus uidheamachd chaithte ùrachadh.

"Fhad 's a tha a h-uile oidhirp ga dèanamh soithichean a chumail a' ruith, cha ghabh sin seachnadh ann an da-rìribh le soithichean a tha toinnte gu teicnigeach.

"Nuair a tha troimhe-chèile ann, bidh sinn daonnan ag amas air seòlaidhean a bharrachd a dhèanamh far an gabh sin dèanamh.

"Chan eil soithichean a bharrachd sam bith againn a ghabhas cur an àite bhàtaichean a tha gan càradh, agus ged a chuireamaid fàilte air a leithid de shoithichean air màl, 's e glè bheag dhiubh a tha ri fhaotainn a bhiodh freagarrach air na puirt a chleachdas sinne."