Maoineachadh Ofgem an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Làrach-teìrrdsidh

Gheibh stèisean cumhachd sa Chlachan ann an Uibhist a Tuath £2m de mhaoineachadh, mar phàirt de stòras luach £48m bho Ofgem airson pròiseactan siubhail agus teas a tha glan.

Dh' innis riaghladair na cumhachd, Ofgem, gu bheil 24 pròiseactan uile gu lèir ann an Alba a' faighinn cuibhreann den airgid.

Sin pròiseactan gus cumhachd ùr a chruthachadh; taic do bhun-structur airson làraich teàirrdsidh luath do charbadan dealain; taic airson busaichean Ghlaschu agus càraichean Poilis Alba a ghluasad gu dealan; agus pròiseact deuchainn aig port-adhair Bhaile na h-Eaglaise ann an Arcaibh, am measg eile.

Leis an taic airgid a tha an stèisean cumhachd sa Chlachan an Uibhist a Tuath a faighinn, thathar gus 6.31MW a bharrachd de chumhachd a chuir ris an lìonra an sin.

Cuiridh seo taic ri pròiseactan sa sgìre a tha a' dèanamh feum de theicneòlas le carban ìosal leithid pumpaichean a tha a' cruthachadh teas fon talamh do thaighean.

Cuiridh seo cuideachd taic ris an sgeama a tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath air tòiseachadh airson làraich teàirrdsidh do charbadan dealain.

Goireasan

Ann an Arcaibh gheibh pròiseact deuchainn anns a bheil Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) an-sàs pàirt den £2.68m a tha a' dol dhan sgìre sin. Thathar a' cruthachadh àrainneachd a tha freagarrach airson deuchainn itealanachd a tha ìosal ann an carban a chuir air dòigh aig port-adhair Bhaile na h-Eaglaise.

Tha £300.5m air a dhearbhadh airson taic a chuir ri pròiseactan net zero air feagh Bhreatainn.

Tha mòran taic a'dol gu bailtean mòra agus gu làraich seirbheis mhòr-rathaidean airson 's gum faigh iad sin gu leòr càbal airson goireasan teàirrdsidh do dh'innealan dealain a thogail.

Tha còrr is 7,000 inneal dealain a-nis ann an Alba, sin àrdachadh de 53.8% air an àireamh a bh'ann an uiridh.

Thuirt àrd-oifigear Ofgem, Jonathan Brearley: "Leis an gleoc a' gluasad a thaobh ur targaidean airson a bhith net zero agus buaidh a' phandemic air an eaconomaidh, feumaidh sinn smaointinn air dòighean ùra ma tha Alba gus na targaidean sin a ruighinn".

"Sin an t-adhbhar a tha sinn a' cur ri barrachd làraich teàirrdsidh a thogail do charbadan dealain airson gum bith barrachd chothroman ann do dhràibhearan air tursan fada.

Bun-structar

"Tha sin cuideachd a' cur taic ri bun-structar a tha a dhìth airson dòighean a tha nas fheàrr dhan àrainneachd a thoirt a-steach airson ar taighean a bhlàthachadh.

"Air a' bhliadhna a tha Glaschu a'cur fàilte air COP26, tha companaidhean an-sàs ann an cumhachd ag obair gu cruaidh còmhla airson pròiseactan a thoirt gu buil a bheir buannachd do luchd-cleachdaidh, a chruthaicheas obraichean agus a bheir togail dhan eaconamaidh," thuirt Mgr Brearley.

Chuir Rùnaire a' Chaibineit airson Net Zero, Còmhdhail agus Cumhachd ann an Alba, Micheal MacMhathain fàilte air a mhaoineachadh seo dhan lìonra.

"Cuidichidh seo sinn ann a bhith a' gluasad air falbh bho chumhachd carban fhads a tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan eaconomaiceach agus sòisealta air an toirt gu buil air feadh na dùthcha nuair a tha sinn a' gabhail a cheum sin," thuirt Mgr MacMhathain.