Ceistean mu chàraichean dealain
Thig casg, an ceann naoi bliadhna, air a bhith a' ceannach chàraichean peatroil agus diesel ann am Breatainn, ach tha tòrr cheistean air daoine fhathast mu mar a dh'obraicheas càraichean dealain.
Chan eil ach mu chòig ceud càr dealain clàraichte air a' Ghàidhealtachd - àireamh tòrr nas ìsle na chìthear ann am pàirtean eile de Bhreatainn.
Tha Doneil MacLeòid ag aithris.