Triùir air an droch leòn an tubaist rathaid an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
Soidhne le Police Accident sgrìobhte air

Chaidh triùir a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist air rathad an A82 eadar Drochaid an Aonachain agus Ionad-sgìthidh Nibheis feasgar Diluain.

Thachair an tubaist aig mu 17:30f eadar Audi A3 geal, BMW 5 Series dubh agus Toyota Corolla geal.

Chaidh boireannach agus fireannach, le chèile 21 bliadhna de dh'aois, a sgèith ann an heileacoptar a dh'Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu agus iad air an leòn gu dona.

Bha boireannach eile air a droch ghoirteachadh agus chaidh a toirt le heileacoptar gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt na poilis gun deach fireannach, 25, a chur an greim an co-cheangal ris a' chùis.

Bha an A82 dùinte fad còrr air seachd uairean de thìde a' fàgail gun robh aig daoine a bha a' draibheadh eadar Inbhir Nis agus An Gearasdan ri slighe eile 160 mìle nas fhaide a ghabhail.