Eaglais na h-Alba ceum nas fhaisge air pòsaidhean gèidh a cheadachadh
- Air fhoillseachadh

Tha Eaglais na h-Alba air ceum eile a ghabhail gus pòsaidhean gèidh a cheadachadh.
Chuir coimiseanairean Àrd Sheanadh na h-Eaglaise an taic ri dreach reachdais Diluain a leigeadh le ministearan pòsaidhean gèidh a dhèanamh nam biodh iad air a shon.
Thèid na planaichean a-nis a sgaoileadh chun nan clèirean agus feumaidh iad am beachdan a chur chun a' Phrìomh Chlàrc ron 31mh den Dùbhlachd.
Ma ghabhas a' mhòr-chuid de na clèirean ris a' mholadh agus ma chuireas Àrd Sheanadh na h-ath-bhliadhna taic ris, thèid a chur ann an lagh na h-Eaglaise ann an Alba.
Bhiodh cead an uair sin aig ministearan agus deucanan daoine den aon ghnè a phòsadh ri chèile ma thogras iad, ach cha bhiodh aig duine ri dhol an sàs ann am pòsadh eadar càraid ghèidh mura robh iad air a shon.
Sgaradh bheachdan
'S e an t-Urramach John Purves a chuir air adhart an gluasad ris an do chuir comiseanairean an taic.
Thuirt Mgr Purves gun do bhòt an t-Àrd Sheanadh mar-thà saorsa a bhith aig co-thionalan ministear ann am pòsadh gèidh a ghairm.
"Bha eagal air cuid aig an àm gun adhbhraicheadh sin sgaradh, ach tha seo air aonachd taobh a-staigh na h-eaglaise a dhaingneachadh agus tha e a' toirt spèis do bheachdan a h-uile duine.
"Tha e a' tighinn a rèir feallsanachd Urrasairean an t-Seanaidh a thaobh co-ionnanachd, iomadachd agus in-ghabhaltas," thuirt e.
An seasamh traidiseanta
Tha an t-Urramach Dòmhnall Mìchael MacAonghais an aghaidh atharrachadh a thoirt air seasamh na h-eaglaise air a' cheist seo ged a tha e den bheachd gun tèid a stèidheachadh mar lagh na h-Eaglaise.
Tha e na adhbhar dhragh dha mu mar a thèid còirichean an fheadhainn nach eil airson pòsaidhean aon-ghnèitheach a bheannachadh a dhìon, agus gun tèid lagh na h-Eaglaise atharrachadh gun dearbhadh soisgeulach air a shon.
"Chaidh gluasad a chur air adhart ag iarraidh seo a dhol air ais dhan Theological Forum ach cha do dh'aontaich an t-Àrd Sheanadh ris an sin agus thuirt cuideigin gun robh iad a' cur na cairt ron each.
"A h-uile trup a tha an Theological Forum air beachdachadh air an seo tha iad a' tighinn chun a' cho-dhùnaidh gu bheil am Bìoball na aghaidh agus mar sin thig iad dhan aon bheachd oir chan eil teagasg sa Bhìoball a bheir taic dhan seo idir," thuirt Mgr MacAonghais.