
Tha taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis fosgailte a-rithist airson a' chiad uair am-bliadhna às dèidh bhacaidhean a' Choròna-bhìorais.
Bha an taigh-cluiche dùinte an-uiridh fad seachd mìosan leis a' Ghlasadh.
Tha riaghailtean astarachaidh shòisealta fhathast a' cuingealachadh nan àireamhan a dh'fhaodas a bhith cruinn còmhla am broinn an togalaich.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba Dimàirt gum faodadh sin atharrachadh a dh'aithghearr.
Tron Ghlasadh, bha Comhairle na Gàidhealtachd a' cleachdadh Eden Court airson a bhith ag ullachadh pharsailean bìdhe a bha daoine gu saor-thoileach a' toirt gu dorsan dhaoine nach b' urrainn faighinn a-mach neo a bh' ann an èiginn.
Bha aig an taigh-chluiche ri tachartasan beò a chur dheth anns na mìosan gu deireadh 2020, ged a bha an taigh-dhealbh agus an cafaidh aca fosgailte mus deach an Glasadh mu dheireadh a chur an sàs ann an Alba.