Covid am Moireibh a-niste "fo smachd"

  • Air fhoillseachadh
EilginnTùs an deilbh, Becky Saunderson

Tha sgapadh Chovid-19 ann am Moireibh a-niste fo smachd.

Sin a rèir NHS Roinn a' Mhonaidh, a tha a-niste air an sgioba shònraichte a chaidh a chur ann airson dèiligeadh ris a' dhùnadh sìos.

Bha Moireibh air a chumail ann an Ìre 3 de na bacaidhean an aghaidh Chovid nas fhaide na sgìre sam bith eile aig tuath, 's am bhìoras a' sgapadh gu luath ann nuair a chaidh an còrr de sgìrean a chur gu Ìre 2.

Ach chaidh Moireibh a chur gu Ìre 2 Disathairne, 's na bha de chùisean den ghalar ann air tuiteam gu math nas ìsle na an 50 cùis anns gach 100,000 duine a tha a dhìth airson sin.

Rinn NHS Roinn a' Mhonaidh moladh air mar a dh'obraich daoine còmhla, ag ràdh gur e sin an t-adhbhar gu bheil an suidheachadh a-niste fo smachd.

Chaidh a shia uimhir a bharrachd de dheuchainnean a dhèanamh ann am Moireibh tron sgapadh, 's tha sin a-niste air ais dhan ìre àbhaistich.

Tha cuideachd a' mhòr-chuid de dhaoine nas sine na 18 san sgìre a-niste air co-dhiù aon dòs den bhanachdaich fhaighinn.

Thuirt an sgioba ionadail gum facas lùghdachadh maireannach anns na bha de chùisean Chovid san sgìre sa chola-deug mu dheireadh.

Na bu thràithe den mhìos, b' ann am Moireibh a bha na h-ìrean as motha de Chovid ann an Alba air fad.

Tha a-niste mu 17 cùisean ann airson gach 100,000 duine - na h-ìrean as ìsle ann am Moireibh bho àm na Nollaige an-uiridh.