Naidheachdan 11:00m
Glaschu
Tha dùil ri co-dhùnadh feasgar air am bi Glaschu a' fuireach fo riaghailtean Covid nas cruaidhe na an còrr de dh'Alba. 'S e Glaschu an aon phàirt den dùthaich a tha fhathast ann an Ìre 3 far nach eil taighean-seinnse fosgailte an taobh a-staigh dhorsan agus far nach fhaodar cèilidh air dachaigh nàbaidh no caraid. Agus ged a tha àrdachadh chùisean sa bhaile tha e coltach nach eil sin a' cur cuideim air an NHS.
An Gearasdan
Tha NHS na Gàidhealtachd a' rannsachadh sgapadh de Chovid-19 ann an sgìre a' Ghearasdain far a bheil dearbhadh ann air 20 cùis den bhìoras. Thàinig a' chiad chùisean am follais aig Cluba Iomain Cille Mhàilidh, agus tha ceangal eile an dèidh sin ri taigh-seinnse sa bhaile a th' air dùnadh gu saor-thoileach.
Bacaidhean
Tha luchd-saidheans ag ràdh gu bheil argamaid ann airson feitheamh gus am faigh a' mhòr-chuid de dh'inbhich na Rìoghachd Aonaichte banachdach mus tèid bacaidhean Covid a thogail uile gu lèir. Tha dragh air na h-eòlaichean mu sgapaidhean an t-srèana Innseanaich den bhìoras. Thuirt an Riaghaltas ann an Westminster gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh sin.
Iapan
Thèid leudachadh air bacaidhean Chovid agus staid èiginn airson trì seachdainean eile ann an Tokyo agus sgìrean eile ann an Iapan. Aig an ìre seo sheasadh na bacaidhean sin gu mìos mus eil na Geamaichean Oilimpigeach ri tòiseachadh ann an Tokyo anns an Iuchar.
Am Pentalina
Thuirt Cathraiche Còmhdhail nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, nach eil esan a' faicinn fianais sam bith air oidhirp air an t-soitheach am Pentalina fhastadh airson cuideachadh le staing nan seirbheisean aiseig. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Graeme Dey, a' bhòn-dè, gu bheil an Riaghaltas a' coimhead air bàta eile agus air a bheil am Pentalina freagarrach. Thuirt Ùisdean Robasdan ge-tà, gun do bhruidhinn esan ri Pentland Ferries dham buin am Pentalina, agus nach eil, na bheachd-san, mòran coltais air còmhraidhean.
Àrachas
Thèid riaghailtean ùra a stèidheachadh airson stad a chur air companaidhean àrachais a tha a' gabhail brath air feadhainn a tha dìleas dhaibh. Thuirt an riaghladair, Ùghdarras Modh an Ionmhais, gun tig na riaghailtean ùra gu bith aig toiseach na h-ath-bhliadhna. Tha an t-ùghdarras air a bhith a' rannsachadh ghearainnean gu bheil na companaidhean a' reic àrachais nas saoire ri feadhainn a tha a' gluasad bho chompanaidhean eile no a tha a' ceannach bhuapa airson a' chiad uair.