Fearg air luchd-turasachd nan Eilean Siar mu staing nan aiseagan

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-aiseig

Sgrìobh Buidheann Turasachd Innse Gall (OHT) gu Ministear ùr na Còmhdhail ag iarraidh air innse dhaibh dè tha e am beachd a dhèanamh airson piseach a thoirt air seirbheisean aiseig a' Chost an Iar.

San litir gu Graeme Dey BPA, mhìnich Àrd-Oifigear OHT, Rob MacFhionghain, mar a thug briseadh an Loch Seaforth, an soitheach as motha aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a bhios a' dol eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, buaidh air buill na buidhne.

Thuirt e nach robh dol às aig CalMac ach prìomhachas a thoirt do dh'eileanaich a tha a' siubhal leis nach eil na h-uimhir de dh'àiteachan do dhràibhearan agus luchd-siubhail air na bàtaichean-aiseig a tha fhathast a' seòladh.

Tha iad a' tomhas gu bheil suas ri 40% nas lugha de rùm ann do luchd-turais, agus gun deach co-dhiù 100 turas a chur dheth le CalMac, cuid taobh a-staigh 36 uairean de thìde mus robh còir aig daoine a bhith a' siubhal.

Tha sin gam fàgail le briseadh-dùil, a' milleadh cliù roinn na turasachd sna h-Eileanan Siar agus ag adhbhrachadh call suas ri £3m don eaconamaidh, tha OHT a' cumail a-mach.

Dùbhlain

Tha Rob MacFhionghain ag ràdh gun deach coinneamh a chumail ann an 2018 airson "leasanan ionnsachadh" nuair a bha suidheachadh èiginn eile ann a thaobh nam bàtaichean-aiseig.

Trì bliadhna às dèidh làimhe, thuirt e gun robh iad le na h-aon thrioblaidean agus gum feum an Riaghaltas plana a thoirt dhaibh a bheir piseach air seirbheisean airson a' chòrr de shamhradh 2021.

'S e fear dhe na dùbhlain a tha romhpa, thuirt Mgr MacFhionghain, gu bheil gnothach aig na h-uimhir de bhuidhnean - eadar CalMac, Còmhdhail na h-Alba agus Riaghaltas na h-alba - le obair nam bàtaichean-aiseig - a' fàgail nach fhaigh iad ach leisgeulan bhuapa agus gu bheil e cha mhòr do-dhèanta an suidheachadh a rèiteachadh.

Feumaidh cuideigin uallach a ghabhail agus crathadh a thoirt air structar riaghlaidh nam bàtaichean-aiseig, thuirt Mgr MacFhionghain.

Tha OHT cuideachd a' moladh gum bu chòir gum bi barrachd de mhanaidsearan nam bàtaichean agus nan seirbheisean-aiseig stèidhichte sna coimhearsnachdan a tha an crochadh orra.