
Bidh an MV Loch Seaforth air ais a' ruith an seirbhis bathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul Diluain às dèidh còrr is mìos anns an doc le trioblaidean einnsean.
Ach fhad 's a bha an Loch Seaforth a' dol tro dheuchainnean mara Dihaoine, chuir trioblaidean teicnigeach stad air seirbhis an MV Hebridean Isles agus chuir sin tuilleadh maill air bathair.
Thuirt CalMac gu bheil fios aca gu bheil trioblaidean teicnigeach air buaidh mhòr a thoirt air luchd-bathair bho chionn ghoirid agus gu bheil iad taingeil gu bheil daoine air a bhith foighidneach fhad 's a tha a' chompanaidh a' feuchainn ri seirbhisean aiseig deatamach a chumail a' dol.
"Tha daoine a' bruidhinn rium-sa ma dheidhinn na h-aiseigean nas trice na tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn cuspair sam bith eile", thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan.
"Tha a h-uile duine toilichte gu bheil an Loch Seaforth air ais mu dheireadh thall ach tha na trioblaidean eile a bh'ann leis a Heb Isles Dihaoine direach a' dearbhadh nach eil soithichean gu leòr aig CalMac," thuirt an Dtr Allan.
"Tha mi ag èisteachd ri luchd-giùlain bathair agus air mo shon-sa chan eil seirbhisean bathair fhathast mar a bu chòir. Tha buaidh air eaconomaidh nan eilean a h-uile turas a tha an leithid seo a' tachairt.
Ceistean
"Bidh mise a' faighneachd ceistean sgriobhte anns a' Phàrlamaid an t-seachdain-sa a' faighinn a-mach dè thachair, airson dèanamh cinnteach nach bidh an leithid a' tachairt a-rithist.
"Tha sinne ag argamaid agus ag iarraidh soitheach air màl an-dràsta air sgath 's chan eil cothrom ann bàta ùr a thogail a-màireach ach tha teansa gu bheil cothroman ann airson bàta a thoirt a-steach dhan a siostam air màl.
"Tha mi an-dòchas gum bidh sinn a' cluinntinn tuilleadh an t-seachdain-sa no anns na seachdainean a tha romhainn mu dè tha a' tachairt leis a sin.
"Tha e gu math follaiseach gu bheil feum air soitheach eile. Tha mi an-dòchas gum bidh an riaghaltas ag eisteachd ris na h-argamaidean a th'ann.
"Tha ceistean mòra ann, mar eisimpleir ciamar a tha e ag obair eadar CMAL agus CalMac, ach air mo shon-sa a cheist as motha a th'ann, cuin a bhios an ath shoitheach a' tighinn", thuirt an Dtr Allan.