Naidheachdan 11:00m

Glaschu

Thuirt Runaire na Slàinte, Humza Yousaf, gur dòcha nach gluais Alba gu lèir gu ìre a h-aon de riaghailtean Covid seachdain bhon diugh. 'S e Glaschu an aon sgìre ann an Alba a tha fhathast fo ìre a trì agus tha dùil ri co-dhùnadh bho Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo mu bhacaidhean Ghlaschu 's dòcha an lùghdachadh gu ìre a dhà bho Dhisathairne. Tha na h-ùghdarrasan slàinte a' cur cuideam air muinntir a' bhaile banachdach fhaighinn le dòchas gun gabh na bacaidhean togail gu ìre aig deireadh na seachdaine.

An Gearasdan

Tha ionad deuchainnean airson Covid anns a' Ghearasdan airson feuchainn ri smachd a chur air sgaoileadh ann an Loch Abar. 'S e 37 cùis a tha dearbhte sa sgìre ach tha làn dùil aig NHS na Gàidhealtachd gum bi an àireamh nas motha fhathast. Chaidh an t-ionad a' stèidheachadh an-dè aig pàirc chàraichean Club Camanachd a' Ghearasdain anns an Àird.

Covid Shasainn

Thuirt Rùnaire Àrainneachd na Rìoghachd Aonaichte, George Eustice, nach eil cinnt sam bith ann gun tèid a' chuid mu dheireadh de riaghailtean Covid a thogail ann an Sasainn mar a bha dùil air 21mh den Òg-mhìos. Thuirt esan gu bheil suidheachadh a' phandemic a' sìor atharrachdadh agus gum feum iad sùil a chumail air an fhiosrachadh nas fhaisge air an àm. Bha Mgr Eustice a' freagart eòlaichean a tha ag iarraidh maill air togail nam bacaidhean ann an Sasainn leis na th' ann de dhragh mun streun Innseanach dhen ghalar.

Loch Seaforth

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil a h-uile dùil ris an Loch Seaforth air seirbheis a' bhathair a-rithist eadar Steòrnabhagh agus Ulapal a-nochd. Rinn am bàta deuchainnean mara an dèidh còrr is mìos anns an doc ann an Grianaig le trioblaidean einnsein. Rinn sin troimh-chèile air lìonra aiseig a' chost an iar le soithichean eile gan gluasad mun cuairt airson feuchainn ri seirbheisean a chumail a' dol.

Afganaich

Gheibh Afganaich a bha ag obair do dh'arm Bhreatainn sa chogadh ris an Taliban, cead fuireach ann am Breatainn airson an cuid sàbhailteachd. Thuirt an Rùnaire Dìon, Ben Wallace, gu bheil e ceart còmhnaidh ann am Breatainn a thoirt dha na daoine sin agus an teaghlaichean, a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart. Tha e coltach gun gluais mu 3,000 Afganach a Bhreatainn fon sgeama.