
Tha na h-Eileanan Siar am measg na ghluaiseas gu Ìre a Neoni
Tha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha a' cur fàilte air lagachadh ann an riaghailtean Covid a thig gu bith Disathairne.
Bidh na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn, a bha mar-thà aig Ìre a h-Aon, a' dol sìos gu Ìre a Neoni.
Gluaisidh a' Ghàidhealtachd gu Ìre a h-Aon.
Thuirt Tormod Dòmhnallach gun leig an t-atharrachadh le barrachd dhaoine coinneachadh, an dà chuid taobh a-staigh dachannan dhaoine agus cuideachd aig bainnsean 's eile.
Bidh suas ri 200 duine ceadaichte aig bainnsean 's tìodhlaigidhean ann an sgìrean aig Ìre a Neoni.
Prògram na banachdaich
Rinn Tormod Dòmhnallach moladh air prògram na banachdaich, 's e ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir nan Eilean air a bhith deònach a' bhanachdach a ghabhail.
Thuirt e gun cuireadh e ìmpidh air nas urrainn a' bhanachdach a ghabhail airson dìon a dhèanamh air muinntir na coimhearsnachd, agus air daoine a bhios a' siubhal air ais 's air adhart gu tìr-mòr.
Ach le barrachd siubhail a-nis ceadaichte, thuirt Mghr Dòmhnallach gum feum daoine cumail ri na riaghailtean.
"Tha sinn ann an suidheachadh glè mhath an-dràsta agus feumaidh a h-uile duine a bhith fuireachail airson a chumail mar sin".