Naidheachdan 11:00m

Covid

Tha eòlaichean slàinte a' rannsachadh a bheil barrachd buaidhe aig srèanan ùra de Chovid-19 air chloinn òig na an t-seann fheadhainn. Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Iain Swinney, ged nach deach mòran chloinne a thoirt dhan ospadal bho nochd am bhìoras ann an Alba, gu bheil na h-àireamhan air a bhith ag èirigh bho chionn ghoirid. Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, an-dè gun deach deichnear chloinne fo aois deich bliadhna a thoirt dhan ospadal air an t-seachdain a dh'fhalbh agus iad a' fulang le Covid.

A' Ghàidhealtachd

Thàinig àrdachadh susbainteach air an ìre de Choròna-bhìoras air a' Ghàidhealtachd le 17 cùisean gan clàradh an-dè. Tha ceangal aig a' chuid mhòir dhiubh ri sgapadh anns a' Ghearasdan, ach tha na h-uimhir cuideachd air nochdadh anns an Aghaidh Mhòir. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' sùileachadh gun èirich na h-àireamhan de chùisean anns gach sgìre anns an àm ri teachd.

An Kaami

'S e dìth trèanaidh agus gainnead luchd-faire a dh'adhbharaich tubaist anns an deach bàta-bathair air na creagan anns a' Chuan Sgìth. Chaidh an Kaami air tìr air Sgeir Ghadach anns na h-Eileanan Mòra anns a' Mhàrt an-uiridh a dh'aindeoin 's gun robh a criutha air rabhadh fhaighinn bho bhàtaichean iasgaich ionadail. Chaidh a criutha a thoirt dhith gu sàbhailte agus cha robh truailleadh sam bith ann, ach chaidh co-dhùnadh gun robh an Kaami caillte gu tur, agus chaidh a toirt às a chèile. Cho-dhùin aithisg bho Bhuidhinn Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, ged nach deach riaghailtean a bhriseadh, nach robh a criutha air trèanadh gu leòr fhaighinn ann a bhith a' cleachdadh an t-siostaim iùil eileactronaigich Ecdis, agus gun robh còir aig a' chompanaidh Nirribhich leis an robh i a bhith air barrachd luchd-faire a chur dhan taigh-chuibhle.

Cobhair

Thuirt buidheann de bhuill-phàrlamaid Thòraidheach gu bheil iad deiseil airson cur an aghaidh an Riaghaltais an ath-sheachdain nuair a thèid bhòtadh air gearraidhean ann an taic-airgid do dhùthchannan cèine. Dh'fhoillsich mininstearan anns an t-Samhain an-uiridh gun deadh am buidseat a lùghdachadh bho 0.7% de GDP Bhreatainn gu 0.5%. Tha na reubaltaich ag ràdh gu bheil cùl-taic gu leòr aca airson rudan a chur air ais mar a bha iad.

Measaidhean Sgoile

Thuirt Rùnaire Foghlaim na h-Alba gum faod earbsa a bhith aig cloinn anns an t-siostam ath-thagraidh ùr airson mheasaidhean sgoile. Faodaidh sgoilearan ath-thagradh a dhèanamh ma tha iad a' faireachdainn gun deach measadh ceàrr a dhèanamh orra aig ìre nan Deuchainnean Coitcheann, no aig Ìre Higher. Ach faodar na comharran aca a lùdachadh a thuilleadh air a bhith gan àrdachadh. Thuirt Shirley-Anne Somerville gum biodh e annasach dha-rìribh nan deadh an ìsleachadh.

Ceann Phàdraig

Agus chaidh geataichean stèisein chumhachd ann an Siorrachd Obar Dheathain a dhùnadh le luchd-iomairt a tha a' togail fianais mu phoileasaidhean "green washing". Tha mu thimcheall air 20 luchd-iomairt bho Extinction Rebellion agus Glasgow Calls Out Polluters aig an stèisean chumhachd aig SSE ann an Ceann Phàdraig. Tha ceathrar dhiubh air an ceangal ri inneal-nigheadaireachd agus ri dà chanastair mòr gas.