Naidheachdan 11:00m

Bacaidhean Chovid

Thèid bacaidhean a' Choròna-bhìorais ìsleachadh ann am mòran sgìrean de dh'Alba bho mheadhan-oidhche a-nochd. Gluaisidh Glaschu bho Ìre 3 gu Ìre 2, ged a bhios mòran de mheadhan na dùthcha a' fuireach aig Ìre 2, ri linn draghan mu ghnè Innseanach a' bhìorais. Bidh a' Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal agus Moireibh am measg nan sgìrean a thèid gu Ìre 1, agus gluaisidh a h-uile eilean ach a-mhàin an t-Eilean Sgitheanach gu Ìre 0.

Portugal

Thuirt companaidhean siubhail gur e buile eagallach a th' anns a' cho-dhùnadh Portugal a thoirt far liosta nan dùthchannan "Uaine". Bho Dhimàirt an ath-sheachdain bidh aig daoine a tha a' tilleadh a Bhreatainn à Portugal ri fèin-aonarachadh airson deich là. Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan Raibeart Jenrick, gun robh iad air Portugal a ghluasad chun na liosta "Orainds" airson dìon a chur air an adhartas a bha an Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh anns an iomairt an aghaidh Chovid-19.

Esther Brown

Chaidh fireannach aois 30 a chur an grèim co-cheangailte ri bàs bhoireannaich ann an Glaschu. Chaidh corp Esther Brown, a bha 67, a lorg aig seòladh ann an sgìre Woodlands den bhaile Dimàirt.

Tubaist-rathaid

Tha poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh fianaisichean às dèidh mar a chaidh triùir dheugairean a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air an A82 faisg air Inbhir Nis an-dè. Bha an triùir - gille agus dithis nighnean a tha uile 16 bliadhna de dh'aois - a' coiseachd aig oir an rathaid aig Kirkton, faisg air Lochend, mu 4:20f nuair a chaidh an leagail le carbad geal Audi Q3. Thuirt Poilis Alba gu bheil am balach ann an cunnart a bheatha, agus gu bheil cobhair ga dhèanamh air fhèin agus air tè de na h-ìgheanan ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Thuirt iad gun deach an nighean eile a thogail dhan ospadal ann an Obar Dheathain far a bheil ise i fhèin ann an cunnart a beatha.

Hong Kong

Tha poilis a' cuairteachadh shràidean Hong Kong airson stad a chur air daoine o bhith a' comharrachadh gu bheil 32 bhliadhna ann bho Mhurt Cheàrnag Tiananmen. Airson an dàrna bliadhna sreath a chèile tha na h-ùghdarrasan air cruinneachaidhean a chasg agus iad a' cleachdadh bhacaidhean a' Choròna-bhìorais mar leisgeul. Tha oifigearan cuideachd air Pàirce Victoria a dhùnadh far an àbhaist dha na mìltean mòra a bhith a' tighinn còmhla.