
Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, air sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire, Boris Johnson, ag iarraidh air a dhol an sàs ann an staing nan aiseagan.
Thuirt e gu bheil iad air an sàrachadh le mar tha e air faileachadh air Riaghaltas na h-Alba fuasgladh a lorg, agus tha e ag iarraidh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air suidheachadh nan seirbheisean aiseig mar phàirt den rannsachadh a tha Sir Peadar Hendry a' dèanamh air ceanglaichean còmhdhail.
Anns an litir chun a' Phrìomhaire, tha Mgr MacAoidh ag ràdh gu bheil iad air ruith a-mach à foighidinn le CMAL, CalMac is Còmhdail na h-Alba fusgladh a lorg air an troimhe-chèile a th' air a bhith ann am-bliadhna.
Tha e ag ràdh gu bheil ceanglaichean aiseig agus adhair bunaiteach airson eaconomaidh agus beatha mhuinntir nan eilean.
Tha e ag ràdh gu bheil a' Chomhairle air moladhean a chur air adhart airson cùisean a leasachadh san eadar-àma agus an ùine fhada, ach nach eil dad de dh'adhartas air a dhèanamh.
Le sin tha e ag iarraidh gun tèid suidheachadh nan aiseagan agus obair-iùil nan itealan a thomhas mar phàirt dhen obair a tha Riaghaltas Westminster a' dèanamh san oidhirp airson co-ionnanachd air feadh Bhreatainn, neo an "Leveling Up Agenda".
Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, nach deach beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba air obair Sir Peadair mus do thòisich a' cho-chomhairle.
Cha robh ann ach oidhirp eile a' Phàrtaidh Thòraidhich, thuirt e, Pàrlamaid na h-Alba a lagachadh agus dìmeas a dhèanamh air fèin-riaghaladh.