Làrach ùr ga sireadh 'son Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Ghàidhlig GhlaschuTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,

Feumar a' bhun-sgoil a ghluasad gus an gabh an àrd-sgoil a leudachadh

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' sireadh làraich ùir airson Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus tha iad aig tòiseach a' phròiseis a nì leasachadh air togalach air taobh sear a' bhaile mar a' cheathramh bun-sgoil Ghàidhlig sa bhaile.

Thàinig e am follais bho chionn beagan mhìosan gu bheil uimhir a' sireadh àite ann am foghlam Gàidhlig am-bliadhna 's nach bi àitichean gu leòr ann dhaibh.

Eadar na trì bun-sgoiltean Gàidhlig anns a' bhaile, bidh 140 duine cloinne a' tòiseachadh air Prìomh 1 san Lùnastal am-bliadhna.

Chaidh co-dùnadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun deadh togalach ann an sgìre na Callainn air taobh sear a' bhaile a leasachadh mar a' cheathramh bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.

'S e seann sgoil a th' anns an togalach, ach tha e feumach air tòrr obrach.

Cha do dhearbh a' Chomhairle fhathast cuin a thòisicheas an obair-leasachaidh sin, ach tha iad an dòchas gum bi an sgoil ùr a' fosgladh anns an Lùnastal 2024.

Tha dùil gun gabh an sgoil ùr mu 400 sgoilear, ged a bhios na thèid innte a' chiad ghreis tòrr nas lugha na sin.

Tha sin leis nach eil rùm anns an àrd-sgoil ach airson 140 duine cloinne.

Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

'S ann air Sràid Bherkley air taobh siar a' bhaile a tha Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-dràsta - air an aon làraich ris an àrd-sgoil.

Feumar a' bhun-sgoil a ghluasad gus an gabh an àrd-sgoil a leudachadh.

Thuirt Fear-Gairm Foghlaim na Comhairle, Chris Coineagan, gu bheil dùbhlan ann le bhith a' fastadh na dh'fheumas iad de thidsearan.

"Cumaidh sinn oirnn a' fastadh na dh'fheumas sinn", thuirt e "cho fad 's gu bheil e comasach sin a dhèanamh".

Feumaidh iad a dhèanamh cinnteach ge-tà, gun glèidh iad ìre an fhoghlaim, thuirt e, 's gur e "na tidsearan ceart aig an àm cheart" a gheibh iad.

Thuirt Comann nam Pàrant Ghlaschu gum bi iad-san a' cur cuideim air an Riaghaltas agus air Comhairle Baile Ghlaschu casg a chur air cuingealachadh àireamhan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gus am bi e ri fhaighinn do theaghlach sam bith anns a' bhaile a dh'iarras e.

Dh'iarradh iad cuideachd plana a dhèanadh cinnteach gum bi luchd-obrach gu leòr ann mu choinneimh na tha ag iarraidh àite ann am foghlam Gàidhlig, agus gealltanas gum maoinichear tuilleadh Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd gus am faigh a h-uile teaghlach an Glaschu a tha ga iarraidh cothrom air gun chuingealachadh air àireamhan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo