Plana ga iarraidh airson foghlam Gàidhlig an Glaschu

Tha Comann nam Pàrant Ghlaschu ag iarraidh air Comhairle Baile Ghlaschu agus Riaghaltas na h-Alba plana a dhealbh gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach gu leòr ann airson na tha a' sireadh àite ann am foghlam Gàidhlig.

Thathas cuideachd airson 's gun tèid cur às dhan bhacadh a th' ann a thaobh nan àireamhan an Glaschu, rud a th' air fhàgail nach eil àite ann do thrì duine deug ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile am bliadhna. Seo Annabel Nic'illinnein ...