Covid a' dol am meud air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Thàinig àrdachadh susbainteach anns na tha de chùisean Covid air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh seachd cùisean ùra deug a chlàradh Diciadain.

Tha ceangal aig cuid mhòr dhiubh ri sgapadh anns a' Ghearasdan, ach tha cuid eile air nochdadh anns an Aghaidh Mhòir.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad an dùil gun èirich na h-àireamhan de chùisean fhathast anns gach sgìre.

Bidh ionad-deuchainnean san Aghaidh Mhòir gu Dihaoine airson deuchainnean a dhèanamh air daoine air nach eil comharran dhen bhìoras.

Aig an aon àm ge-tà, thàinig dearbhadh gun d'fhuair còrr is trì chairteal de dhaoine air feadh sgìre NHS na Gàidhealtachd co-dhiù aon dòs den bhanachdach.

Tha sin còrr is 198,000 neach.

Chaidh aon chùis ùr de Chovid a dhearbhadh ann an Leòdhas Diciadain.

Chan eil ceangal aig a' chùis sin ri cùisean eile san sgìre.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil na h-uimhir de dhaoine a' fèin-aonarachadh.