Clach-uaighe James Hogg
Tha iomairt a' dol anns na Crìochan gus clach-uaighe an sgriobhadair James Hogg a chàradh.
Am measg nan leabhraichean ainmeal a sgrìobh Hogg bha The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner.
Chaidh a' chlach-uaighe a thoirt a-nuas an-uiridh, còmhla ri faisg air leth-cheud eile, 's dragh gun robh iad ann an staid chunnartach.
Tha daoine anns a' choimearsnachd agus iadsan a tha measail air an sgrìobhadh aige a-nis a' sireadh taic gus na clachan-uaighe a thogail às ùr. Tha Ailean Peutan ag aithris.