Balach, 16, air bàsachadh às dèidh tubaist rathaid

  • Air fhoillseachadh
Làrach na tubaisteTùs an deilbh, JASPERIMAGE
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an rathad dùinte fad sia uairean de thìde às dèidh na tubaiste

Bhàsaich balach a bha am measg triùir dheugairean a chaidh a leagail le càr faisg air Inbhir Nis Diardaoin.

B' e Edward Bush, 16, à Henley-on-Thames ann an Siorrachd Oxford.

Thachair an tubaist air an A82 faisg air Ceann Loch.

Tha nighean, 16, a chaidh cuideachd a leagail leis a' chàr Audi Q3, ann an stait ìosal anns an ospadal.

Chaidh an dàrna nighean, a tha cuideachd 16, a leigeil dhachaigh às an ospadal.

Thuirt teaglach Edward gur e balach air leth a bh' ann nach dìochuimhnich iad gu bràth.

Thuirt Poileas Alba gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.

Chaidh iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tubaist brath a chur thuca air an àireimh-fòn 101, a' cleachdadh na h-àireimh 2448 agus an ceann-là Diardaoin, an 3mh là den Òg-mhios 2021.

Tuilleadh air an sgeulachd seo