Drochaid ùr Thòrr Bheathain
Tha dùil nach bi bacadh air carbadan an Inbhir Nis tuilleadh nuair a thèid drochaid ùr Thòrr Bheathain fhosgladh ro dheireadh na mìos.
Tha seo mar phàirt de dh'obair-leasachaidh air Ceangal an Iar sa bhaile, agus le dà dhrochaid ann gu bhith ann seach a h-aon, tha dùil nach cur eathraichean a tha a' seòladh tron a' Chanàl Chailleanach maill air carbadan tuilleadh.
Tha an aithris seo aig Nicole Webber.