
Bheir an t-uachdaran prìobhaideach as motha an Alba cùis-lagha chun na cùirte ann an oidhirp stad a chur air leasachadh port-fanais ann an Dùthaich MhicAoidh.
Tha dùil gun lean a' chùis-lagha fad trì là far a bheil companaidh an uachdarain Anders Holch Polvsen - Wildlands Eta - a' cur an aghaidh cho-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh a thoirt seachad 'son a' phròiseict.
Tha Mgr Holch Polvsen air a ràdh gu bheil e a' strì gus an àrainneachd nàdarra a dhìon.
Tha 12 oighreachd aige fo ainm na companaidh Wildlands Eta - agus tha stòras timcheall air £6bn aige.
'S e priomh amas an ath-bhreithneachidh laghail a thòisicheas Dimàirt gun tèid stad a chur air stèidheachadh a' puirt-fhànais air Rubha na Mòine, ann an Taobh Mhealnais, faisg air Tunga.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh seachad dhan phròiseact, a tha a' faighinn taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).
Tha HIE ag ràdh gum bi am pròiseact seo na bhuannachd dhan sgìre, a' cruthachadh obraichean agus a' neartachadh na h-eaconomaidh.
Ach tha Mgr Holch Polvsen den bheachd nach deach gu leòr smaoineachaidh a dhèanamh mun bhuaidh a bhios aig a' phròiseact air àrainneachd a tha mar thà cugallach.