Sgeama dìon thuiltean a' tòiseachadh an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
An Linne DhubhTùs an deilbh, Getty Images

Thòisich obair air sgeama ùr, a chosgas £11m, airson casg a chur air tuiltean sa Chaol agus Taobh Lòchaidh sa Ghearasdan.

Tha e ga thogail eadar an Canàl Cailleannach agus Drochaid an t-Saighdeir air Abhainn Lòchaidh, le amas gun cuir e bacadh air tuiltean a thighinn a-steach bhon Linnidh Dhuibh.

Tha an sgeama ag amas air dìon bho thuiltean leithid na thachair ann an 2005, nuair a chaidh milleadh a dhèanamh air fichead taigh agus siostam òtrachais na sgìre.

Thachair sin nuair a dh'at uisgeachan na Linne Duibhe.

Thèid 1,200 meatair de bhruaichean agus 800 meatair de bhallachan a thogail, cho math ri drèanaichean ùra.

Mar phàirt den sgeama, thèid cuideachd leasachadh a dhèanamh air slighean coiseachd agus rothaireachd anns a' Chaol agus Taobh Lòchaidh.

Thuirt an Comh. Ben MacThòmais, gum bi an obair seo mar fhaochadh do dhaoine a tha a' fuireach san sgìre, agus gun cuir e dìon orra bho thuiltean san àm ri teachd.