Cò a bh' ann an Calum Cille?

  • Air fhoillseachadh
Abaid Eilein ÌTùs an deilbh, Getty Images

B' e an t-atharrachadh a bu mhotha agus a bu mhaireannaich a thàinig air Alba riamh, teachd na Crìosdaidheachd anns an 6mh Linn.

Ghreimich e air an dùthaich air fad, 's ionadan ann an Alba - gu dearbha, air Ghàidhealtachd - a' toirt buaidh nas fharsainne na Alba fhèin.

Tro iomadh linn, agus iomadh atharrachadh is toinneamh na h-eachdraidh, bha Alba, a dh'aindeoin na h-uile, aithnichte mar dhùthaich Chrìosdail.

'S e aon duine a thathas gu sònraichte ag ainmeachadh an co-cheangal ri bhith a' stèidheachadh a' chreideimh seo san dùthaich. Fear dham b' ainm Calum Cille.

B' e Gàidheal a bh' ann, a rugadh ann an Tìr Chonaill an iar-thuath na h-Èireann.

Tha beachd ann gun robh e càirdeach, taobh athar, dha Niall Naoighiallach, Àrd-Rìgh na h-Èireann.

Reilig Òdhrain, Eilean ÌTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Reilig Òdhrain ann an Eilean Ì, cladh sa bheil co-dhiù seachnar rìghrean na h-Albann nan tàmh, am measg rìghrean à dùthchannan eile

Chaidh a thogail 's oideachadh gu bhith na shagart ann an cultar làidir Crìosdail a bha stèidhichte ann an Èirinn mar-thà, agus dh'èirich e gu bhith na dhuine àrd, tapaidh, le guth cumhachdach.

An dèidh dha a chuid foghlaim a thoirt a-mach, is coltach gun do stèidhich e grunn mhanachainnean ann an ceann a tuath na h-Èireann.

Chan eil fios le cinnt dè thug air a chùl a chur ri Èirinn, ach a rèir chuid thàinig air falbh an dèidh àimhreit mu leth-bhreac a rinn Calum Cille, gun chead, de leabhar a bhuineadh do dh'oide dha, dham b' ainm Fíonán.

Chaidh iad a-mach air a chèile, 's Fíonán ag iarraidh gun toireadh Calum Cille air ais dha an leabhar agus an leth-bhreac.

Crois, caileas agus sealladh tro uinneig an Eilean ÌTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Eilean Ì na ionad Crìosdail an-diugh a-rithist, 's na mìltean mòra a' tadhal air o air feadh an t-Saoghail

Dh'òrdaich an Rìgh gun dèanadh Calum Cille sin, ach dhiùlt e, agus bha cogadh ann, san deach na ceudan dhaoine a mharbhadh aig Cath Chùl Druibhne.

Fhuair Fíonán an leth-bhreac air ais air a' cheann thall, agus dh'fhàg Calum Cille Èirinn ri linn a' bhròin a bh' air leis na bh' air tachairt.

Cha b' e a' chiad duine a bha a' sgaoileadh an t-Soisgeil ann an Alba ge-tà, 's an Naomh Ninian air a bhith ag obair ann an ceann a deas na dùthcha mu 200 bliadhna air thoiseach air.

Chaidh e fhèin agus a charaidean - fear Odhrán nam measg, air a bheil an Reilig Ódhrain ann an Eilean Ì air ainmeachadh - air bòrd curaich, agus rinn iad air costa Earra-Ghàidheal.

Port na Curaich, Eilean ÌTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Port na Curaich ann an Eilean Ì, far an tàinig Calum Cille air tìr às a' churaich

Tha sgeulachd ann gun tàinig iad air tìr an toiseach ann an Cinn Tìre, ach leis gum faicear Èirinn às an sin, gun deach iad nas fhaide, gu mu dheireadh thall a ràinig iad Eilean Ì, far Mhuile.

Às an abaid a stèidhich e an sin, sgaoil e a' Chrìosdaidheachd air feadh mòran de dh'Alba, a' toirt turas ainmeil ann an curach suas an Gleann Mòr gu ruige Inbhir Nis - le fear de na manaich aige ga ithe le Niseag air an turas, a rèir choltais - a dh'iompachadh an Rìgh Bruide san dùn aige os cionn far a bheil baile an là an-diugh, ann an àite ris an abrar Làrach an Taighe Mhòir, no Creag Phàdraig, an-diugh.

Bhàsaich Calum Cille ann na 597AD, agus b' e am fear a ghabh thairis Abaid Eilein Ì, Adomnán (Adhamhnán) a sgrìobh leabhar às a bheil mòran den fhiosrachadh a th' againn mu dheidhinn a' tighinn - Vitae Sancti Columbae (Beatha Chaluim Chille).

Tha e an-diugh air aithneachadh mar fhear de phrìomh naoimh na h-Alba, 's mar an fhear a stèidhich an creideamh gu daingeann anns an dùthaich, às an abaid a bhonntaich e ann an Eilean Ì.