Stailc gus trèana oidhche fhàgail na tàmh 11 là

  • Air fhoillseachadh
Caledonian SleeperTùs an deilbh, PA

Dh'innis a' chompanaidh a tha a' ruith trèana oidhche a' Chaledonian Sleeper eadar Alba agus Lunnainn nach bi seirbheisean idir ann fad 11 oidhche air a' mhìos seo, agus an luchd-obrach aca air stailc.

Rinn Serco an co-dhùnadh an dèidh do dh'aonadh an RMT dearbhadh gun tèid iad air stailc eadar an 15mh agus an 26mh den Ògmhios an dèidh baileat am measg bhall.

Tha an RMT ag ràdh gun do dh'fheuch Serco ri toirt air luchd-obrach na rèile gabhail ri reothadh sa phàigheadh aca.

Thuirt a' chompanaidh ge-tà, gun robh an stailc "na bhriseadh dùil mòr gun adhbhar".

Còmhraidhean

Thuirt iad gun adhbharaicheadh an stailc "buaireadh nach beag" do dhaoine a bh' air siubhal a chur air dòigh air bòrd na trèana oidhche.

Dh'innis àrd-stiùiriche a' Chaledonian Sleeper, Kathryn Darbandi, gun robh an luchd-obrach air làn-phàigheadh fhaighinn tron Phandemic, a dh'aindeoin lùghdachaidh mhòir anns na bh' ann de sheirbheisean.

"Tha sinn cuideachd air a bhith soilleir gu bheil làn-dùil againn tòiseachadh às ùr air còmhraidhean pàighidh an ath-bhliadhna, aon uair 's gu bheil an gnothachas air ais air stèidh sheasmhach," thuirt i.

"Tha sinn fhathast fosgailte airson chòmhraidhean sam bith a tha ag amas air rèite a lorg, ach san eadar-ama chan eil roghainn againn ach ullachadh a dhèanamh mu choinneimh na stailce.

"Tha sinn duilich gun toir an stailc seo buaidh air aoighean, agus tha sinn a' cur fios orra gus am faigh iad an cuid airgid gu lèir air ais.

Bha a h-uile ìre den luchd-obrach an sàs ann am baileat an RMT, a thill toradh 85% airson stailce.

Chaidh innse cuideachd do bhuill gun uairean a bharrachd obrachadh, no obair a dhèanamh air na làithean dheth aca bhon 26mh Ògmhios a-mach.

Dìleas

"Feumaidh a' chompanaidh suidhe aig a' bhòrd ann an da-rìribh ach an tèid againn air aonta pàighidh cothromach a ruighinn dha na buill againn a th' air an t-seirbheis a chumail a' dol tron Phandemic," thuirt rùnaire coitcheann an RMT, Mick Lynch.

"Cha ghabhar idir ris an tàire seo a tha iad a' dèanamh air luchd-obrach dìleas, agus cumaidh an RMT taic riutha gu deireadh.

"Tha an t-aonadh fosgailte airson còmhraidhean a chumail a tha ag amas air rèite a lorg".