Naidheachdan 11:00m

Sarah Everard

Dh'aidich oifigear poilis gun tug e Sarah Everard am bruid agus gun do dh'èignich e i. Ghabh Wayne Couzens cuideachd uallach airson a marbhadh, ach cha do rinn e tagradh sam bith a thaobh na casaid de mhurt. Chaidh corp Ms Everard a lorg ann an Kent sa Mhàrt seachdain às deidh dhi a dhol a dhìth is i a' coiseachd dhachaigh ann an Lunnainn.

MV Loch Seaforth

Thuirt CalMac gu bheil coltas ann gur e scriubhaichean piston briste a dh'adhbhraich gun do bhrist an MV Loch Seaforth sìos sa Ghiblean. Bha an t-aiseag a mach à seirbheis 'son grunn sheachdainean, rud a dh'adhbhraich maill air pàirtean eile den lìonra. Thuirt CalMac gun robh còir aig na scriubhaichean a bhith air an ùrachadh o chionn dà bhliadhna ach nach do thachair sin. Tha iad ag ràdh gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na thachair.

Covid

Bheir am Prìomh Mhinistear am fiosrachadh às ùire mu shuidheachadh Covid dhan Phàrlamaid aig Holyrood an-diugh. A' bruidhinn Dihaoine thuirt Nicola Sturgeon, ged a tha an àireamh chùisean air a bhith ag èirigh, gu bheil coltas ann gu bheil banachdaichean a' lagachadh a' cheangail leis an àireamh dhaoine a tha feumach air a dhol dhan ospadal.

Portugal

Tha aig daoine a tha a' tilleadh a dh'Alba à Portugal bho an-diugh ri dhol ann an cuartantain 'son deich là. Chaidh na riaghailtean siubhail ùra a chur an gnìomh aig 04:00m. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil aca ri seo a dhèanamh air sgàth àrdachadh san àireamh chùisean den ghnè Delta den bhìoras ann am Portugal.

Sgìre luchd-leantainn

Thèid Riaghaltas na h-Alba a cheasnachadh feasgar mu phlana airson sgìre a stèidheachadh ann an Glaschu do luchd-leantainn a' bhuill-coise 'son na h-Euros. Tha dùil gum bi 6,000 neach an làthair aig an làraich aig Glasgow Green gach là, le biadh is deoch làidir ri fhaighinn. The eòlaichean slàinte a phobaill a' togail dhragh mu ghainnead dheuchainnean air an fheadhainn a tha gu bhith ann.