
Sheachain fear a chuir fiosan meallta air Maoir-Chladaich Mhoireibh binn phrìosain, ach chuireadh faisg air 250 uair de thìde de sheirbheis choimhearsnachd air.
Bha Leon Marandola na bhall de sgioba bhàta-teasairgnn Bhucaidh aig an àm, 's bha e airson a gairm a-mach gu tubaistean nach robh idir ann gus am faigheadh e fhèin barrachd eòlais air an obair.
Fhad 's a bha e na bhall saor-thoileach de sgioba a' bhàta-teasairginn, chuir Marandola fios 19 turas chun nan seirbheisean teasairginn a ràdh gun robh bàtaichean agus daoine a dhìth cobhair aig muir, 's làn-fhios aige nach robh leithid de rud ann.
Bha Marandola, a tha 20 bliadhna de dh'aois, air a chiont aideachadh ann an Cùirt an t-Siorraidh an Eilginn anns a' Ghiblean.
Bha e air beulaibh an t-siorraidh Dimàirt airson binn.
Gòrach
Thuirt an siorraidh, Olga Pasportnikov, ris gun robh na rinn e do-chreidsinneach gòrach.
Dh'aidich e 19 teachdaireachdan a bha meallta a chur a-mach - feadhainn chun nam Maor-Cladaich air radio VHF agus tron àireamh 999.
Chuir e feadhainn eile an-àirde air Facebook gu poblach.
Chleachd na Poilis uidheamachd shònraichte airson dèanamh a-mach cò bhuaithe a bha na teachdaireachdan a' tighinn.
Aithreachas
Thuirt fear-lagh Mharandola anns a' chùirt ann an Eilginn gun robh aithreachas uabhasach air.
Thuirt an siorraidh - an àite a chur dhan phrìosan - gun robh i a' cur 240 uair de thìde de sheirbheis choimhearsnachd air.
Sùil gheur
Thèid cuideachd sùil gheur a chumail air airson dà bhliadhna, 's bidh casg siubhail air.
Chuala a' chùirt gun do chosg tursan gun fheum a' bhàta-teasairginn £150,000.
Chùm Marandola a' cur fiosan fuadain a-mach seach gun robh e airson eòlas fhaighinn a' dol gu muir, ach cha robhas ga thaghadh airson gin de na tursan a bha e a' cur air dòigh.