
Tha fireannach air bàsachadh às dèidh tubaist rathaid le motar-baidhseagail agus bhana ann am Moireibh.
Thachair an tubaist air an A941 eadar Eilginn agus Ràthais mu 07:00m Dimàirt.
Chaidh am fireannach, a bha 44, a thoirt dhan ospadal ann an Eilginn, far an deach dearbhadh gun robh e air bàsachadh.
Chaidh an rathad a dhùnadh gus an deadh rannsachadh a dhèanamh.
Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist no aig a bheil deilbh dashcam fios a chur thuca.