'Seann sgriubhaichean' a bhris an Loch Seaforth
Fhuair obair-sgrùdaidh a rinn Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil e coltach gur e sgriubhaichean nach deach atharrachadh mar a bha còir bho chionn dà bhliadhna a bu choireach gun do bhris an soitheach as luaithe agus as motha aca, an MV Loch Seaforth.
Bha am bàta, a bhios a' seòladh eadar Steòrnabhagh is Ulapul, a-mach à seirbheis airson sia seachdainnean, 's i ga càradh san doc air Chluaidh.
Seo Dòmhnall MacLaomainn.