Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr ministearan air an EU a bhith "ciallach" tro chòmhraidhean an-diugh is Lunnainn is a' Bhruiseal a' feuchainn ri rèite a ruighinn mu riaghailtean às dèidh Bhrexit ann an Èirinn a Tuath. Thug an EU rabhadh dha Sràid Downing gun dàil a bharrachd a chur air sgrùdaidhean crìche air nithean a tha a' dol a-steach a dh'Èirinn a Tuath bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Minstear Bhrexit, am Morair Frost, gur e fuasglaidhean pragtaigeach a tha a dhìth airson Pròtocal Èireann a Tuath a dhìon.

A rèir dàta ùr tha timcheall air ochdnar às gach deichnear san Rìoghachd Aonaichte a-nis le antibodies an aghaidh a' Choròna-bhìorais a' ciallachadh gun robh am bhìoras orra neo gun d' fhuair iad a' bhanachdach. Tha sin suas beagan air an fhigear mu dheireadh. Tha am fiogair airson Alba beagan nas ìsle na an còrr den Rìoghachd Aonaichte aig 73% an coimheas ri 88% dhan Chuimrigh agus 80% ann an Sasainn agus Èirinn a Tuath.

Thuirt àrd-eòlaiche slàinte gu bheil luchd-poileataigs "eadar a' chlach is an sgrath" mu sgìre chonnspaideach a thathas a' stèidheachadh tro na h-Euros do luchd-leantainn a' bhuill-choise ann an Glaschu. Chaidh dearbhadh an-dè gun tèid am plana airson Glasgow Green air adhart, ach tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh do dhaoine deuchainn a dhèanamh mus tèid iad ann. Thuirt an t-Oll. Linda Bauld gun tigeadh misneachd bho bhith a' dèanamh cinnteach gun d' fhuair an fheadhainn a bhios ann deuchainn ro làimh.

Nochd iarrtas gun tèid rannsachadh a chumail mun dòigh sa bheil CalMac a' dèanamh nan sgrùdaidhean bliadhnail aca. Thàinig seo bho Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bharraigh, Brian Currie, a bha a' bruidhinn às dèidh do ChalMac a ràdh gu bheil coltas ann gur e scriùbhaichean piston a bha còir a bhith air an atharrachadh o chionn dà bhliadhna, a dh'adhbhraich gun do bhrist an Loch Seaforth sìos sa Ghiblean.

Agus aig a' cheart àm, nochd iarrtas às ùr gum biodh bàtaichean-àiseig fa leth a' frithealadh na Hearadh is Uibhist a Tuath. Thàinig seo bho Fhòram Còmhdhail na Hearadh a tha ag ràdh gur iad na h-Eileanan seo as motha a tha a' fulang mar thorradh air mar a tha e air fàiligeadh aiseagan ùra a thogail.