Taisbeanadh Eòlas nan Naomh an Uibhist
Ged nach eil fianais ann gun do ràinig Naomh Colm Cille a-riamh Uibhist, bha cuid de cho-aoisean anns an eaglais thràth ann an Alba anns na h-eileanan.
Chaidh taisbeanadh air Eòlas nan Naomh fhoillseachadh le Ceòlas feasgar ann an eaglais Thobha Mòr airson seo a chomharrachadh.
Tha an eaglais faisg air a' chladh anns a bheil cuid de na comharraidhean Criosdaidheachd as sine ann an Uibhist.
Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.