Cùram-cloinne 'riatanach' an sgìrean dùthchail

Tha e riatanch gum bi cùram-cloinne ri fhaighinn gu h-ionadail agus air prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail ma tha coimhearsnachdan gu bhith buan.

Sin a-rèir aithisg ùir a chaidh a dèanamh do bhuidhnean coimhearsnachd air taobh siar Leòdhais.

Bhiodh seirbheisean do chloinn na chuideachadh mòr, a rèir na h-aithisg, ann a bhith a' cumail dhaoine òga san sgìre agus a' tàladh theaghlaichean chun na sgìre cuideachd.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.