Deuchainnean-mara air an MV Pentalina
Tha comasan a' bhàt-aiseig am Pentalina gan rannsachadh, feuch dè cho freagarrach 's a bhiodh i air slighean a' chosta an iar, nam biodh CalMac airson a faighinn air màl.
Bha am Pentalina ga cleachdadh eadar Gallaibh agus Arcaibh le Pentland Ferries.
Sheòl i à Arcaibh oidhche Shathairne airson deuchainnean-mara agus i gu bhith a' tadhal air grunn dhe na puirt aig CalMac.
Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.