
Bheir stailc a mhaireas 11 là am measg luchd-obrach na rèile buaidh air an t-seirbheis trèan-oidhche eadar a' Ghàidhealtachd agus Lunnainn.
Tha buill an RMT mì-thoilichte agus iad a' cumail a-mach gu bheil Serco, a tha a' ruith na seirbheis, a' feuchainn ri am pàigheadh a reothadh.
Ann am baileat, bhòt 85% de na buill airson a dhol air stailc.
Tha an iomairt aca a' fàgail nach bi an t-seirbheis trèan ann rè na h-oidhche idir.
Sguiridh iad de dh'obair aig meadhan là Dimàirt agus leanaidh an stailc chun an 26mh den Ògmhios.
A thuilleadh air an stailc fhèin, chaidh innse do bhuill gun uairean a bharrachd a dhèanamh neo a bhith ag obair air na làithean fois aca bhon 26mh den Ògmhios.
Thuirt Serco gu bheil an stailc na bhriseadh-dùil, gu bheil e gun adhbhar, agus gun adhbhraich e troimh-chèile nach beag do dhaoine a th' air siubhal a chur air dòigh.
Thuirt an RMT gum biodh iad deònach còmhraidhean a chumail le Serco feuch an gabh rèite fhaighinn.