
Bha Lex Warner a' dàibheadh faisg air a' Pharbh mus do bhàsaich e
Tha Vincent Warner, 9, air a dhol gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann a' sireadh airgid-dìolaidh an dèidh bàs athar a bha na dhàibhear proifeasanta.
Chaill Lex Warner, à Sutton Coldfield, a bheatha ann an 2012 an dèidh "dàibh teicnigeach" ann an uisge domhainn faisg air a' Pharbh.
Chuala a' chùirt gur e dàibhear faiceallach a bh' ann air nach biodh leisg obair a chur dheth fiù 's ged nach biodh air ach cnatan beag.
Thuirt màthair Vincent, Debbie, gur e slighe fhada dhuilich a bh' air a bhith ann dhi fhèin agus do a mac.
"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ochd bliadhna agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn ceartas."