
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba nach eil coltas ann gun gluais an dùthaich sìos ìre de bhacaidhean mar a bha an dùil air an 28mh den Òg-mhìos.
'S e mar a tha gnè Delta den choròna-bhìoras a' sgapadh as coireach.
Bha còir aig Àlba a bhith a' gluasad gu ìre 0 air an latha sin.
Tha seo a' tighinn às deidh do Bhoris Johnson innse Diluain gum bi dàil air a bhith toirt na bacaidhean gu ceann ann an Sasainn leis gu bheil dragh ann mun ghnè a nochd an toiseach anns na h-Innseachan.
Thuirt Nicola Sturgeon gu feumar tuilleadh ùine gus am bi barrachd dhaoine air an dà dhòs den bhanachdaIch fhaighinn mas tig an còrr de lagachadh.
Chaidh dà bhàs às ùr a chlàradh ann an Alba leis a' bhìoras anns na 24u mu dheireadh.
Agus chaidh 974 cùis ùr a dhearbhadh.