
Dh'fhoillsich Buidheann Nàdair na h-Alba leabhar ùr de dh'àinmean-àite baile agus sgìre Inbhir Nis a tha a' taisbeanadh dualchas cultarail is nàdarra prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Chaidh a sgrìobhadh agus a rannsachadh le Ruairidh MacIlleathain a tha na eòlaiche air na ceanglaichean eadar a' Ghàidhlig agus an àrainneachd.
Tha an leabhar a' leantainn an t-sreath shoirbheachail aig Buidheann Nàdair na h-Alba air a' Ghàidhlig agus an tìr, agus le taic bho eòlas ionadail tha an leabhar a' toirt tuigse dhuinn air na h-ainmean a tha a' ceangal nan daoine ris an fhearann, an àrainneachd is a' choimhearsnachd.
"Tha ainmean-àite baile mòr is sgìre Inbhir Nis a' comharrachadh measgachadh iongantach de dh'àrainnean is cruthan-tìre san sgìre, eadar mòintich àrda is cladaichean rèidh, agus tacannan, bailtean beaga is feartan a' bhaile mhòir", thuirt an t-ùghdar, Ruairidh MacIlleathain.
Dualchas
"Mar a chì sinn anns a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd, 's i a' Ghàidhlig prìomh chànan na tìre, agus anns an leabhar seo tha mi a' feuchainn ri ainmean-àite Gàidhlig a mhìneachadh agus tha mi a' piobrachadh muinntir an àite is luchd-turais gus an cuir iad eòlas air a' chànan agus air beairteas an dualchais chultarail againn", thuirt e.
Fhuair am pròiseact seo taic cuideachd bho Bhòrd na Gàidhlig. Thuirt an t-Oifigear Maoineachaidh is Pròiseactan aca, Steven Kellow:
"Tha na h-ainmean-àite Gàidhlig air leth cudromach ann an dualchas a' chànain agus iad gu tric a' dùsgadh ùidh is a' toirt air daoine a' Ghàidhlig ionnsachadh."
Gheibhear an leabhar air-loidhne air làrach-lìn, taobh a-muigh Buidheann Nàdair na h-Alba. Tha àireamh bheag den leabhar clò-bhuailte agus gheibhear iad sin bho làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean.
Thathar an dùil òraid air-loidhne a chur air dòigh san t-Sultain a bhruidhneas mun rannsachadh a chaidh a dhèanamh agus thèid fiosrachadh a sgaoileadh mun sin nas fhaisge air an àm.