Mì-chinnt mu mhaoineachadh dhrochaid Bheàrnaraigh

  • Air fhoillseachadh
DrochaidTùs an deilbh, MJ Richardson_Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Seann drochaid Bheàrnaraigh

Chan eil fios fhathast dè an t-suim airgid a gheibh Comhairle nan Eilean Siar bho Riaghaltas na h-Alba airson drochaid ùr Bheàrnaraigh Leòdhais - seo ged a bhios i deiseil an ceann trì mìosan.

Nochd mì-thoileachas mun t-suidheachadh aig coinneamh de Chomhairle nan Eilean Siar is beàrn de chòrr air £1m anns a' bhuidseat airson na drochaide.

"Tha iad a' dèanamh adhartas math air an làrach fhèin, tha torr obair air a dhèanamh anns na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn a-nis a' feitheamh ri taic-airgid bhon a riaghaltas mas e is gun tig sin," thuirt Fear-gairm na comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Gheall Mgr Allan agus Ceit Fhoirbeis sa Ghearran gum biodh an riaghaltas a' cur airgid ann ach gu ruige seo chan eil sinn air guth a chluinntinn bhuapa," thuirt e.

Cosgaidh an drochaid £3.1m agus tha £2m air a chur a dhara taobh aig a' chomhairle air a shon.

"Bidh e duillich ga-rìreabh dhuinn mar Chomhairle mur am faigh sinn airgead bhon a riaghaltas agus bhiodh sinn an-dòchas gun lìonadh iadsan am beàrn", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Gu ruige seo tha muinntir Bhearnaraigh air a bhith gu math foighidneach a thaobh an obair a bha a' dol air adhart agus na cnapan stara a th' air a bhith ann thairis air na 3 no 4 a mhìosan a chaidh seachad.

Còmhraidhean

"Dh'fheumadh sinn a dhol air adhart leis a phròiseict co dhìu, cha robh dol às againn ach sin a dhèanamh.

"Bha còmhraidhean ann eadar sinn fhìn agus an riaghaltas agus chaidh gealltanas a thoirt seachad gum biodh maoin a tighinn a' cur taic ri maoin na comhairle

Bha an drochaid gu bhith deiseal sa Ghiblean ach mhinich Mgr Dòmhnallach na trioblaidean a bh' aca.

"Gu ìre mhòr chan eil cnapan stara air a bhith ann ach a-mhàin direach an struth a tha a' dol fon an drochaid agus bha daibhearan an-sàs ann airson iomadach seachdainn a' feuchainn ri obair leasachaidh a dhèanamh air a sin, agus thug sin nas fhaide na bha dùil againn", thuirt e.

"Aig an ìre aig a bheil sinn an-dràsta tha sinn a' smaointinn gum bi an t-Sultain ann mus bi an drochaid air a fosgladh gu h-oifigeil.

"Tha e air sìneadh a-mach an ùine a bha sinn a' smaoineachadh a bhiodh e ach aig deireadh an là tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad mothachail air na cnapan stara a bh' ann agus mar a fhuaireas seachad air a sin", thuirt e.