
Chan fhaigh buidhnean Gàidhlig taic-airgud bho Bhòrd na Gaidhlig ach airson aon bhliadhna an àite a trì, mar a bha a' tachairt roimhe, aig an àm a tha seo.
Chaidh innse aig coinneamh a' bhùird Diciadain gu bheil seo a' tachairt air sailleibh buaidh Covid-19.
"Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, chaidh iad air aghaidh gu aonta trì bliadhna a thoirt dha na buidhnean sin airson 's gum biodh iad air stèidh caran làidir airson cumail a' dol," mhìnich Ceannard na buidhne Màiri NicAonghais.
"Ach tha a' bhliadhna mu dheireadh air a bhith caran annasach agus mar sin cha d' fhuairear leirmheas a' dhèanamh air an dòigh obrach sin mar a bu chòir," thuirt i.
"An rud a tha iad air co-dhùnadh a dhèanamh air gum bi sìneadh ann airson bliadhna air na cùmhnantan aig na buidhnean sin agus an uairsin gum bithear a' beachdachadh air gluasad air adhart gu 's dòcha aonta suas gu coig bliadhna."
"A thaobh suidheachadh Covid chan eil e air a bhith cho furasta leantail air adhart a chionns tha an leithid de rudan nach eil air a bhith a' tachairt.
"'S ann airson cinnt agus bun-stèidh a thoirt dha na buidhnean. Tha iadsan a' dol a bhith a' libhrigeadh an uimhir seo de dh'obair agus do thachartasan 's a h-uile rud eile agus tha sinne a' dol a bhith a' maoineachadh sin," thuirt i.
Molaidhean
Chuala am bòrd cuideachd nach deach a h-uile moladh a bh' aig a' chompanaidh cunntasachd Deloitte bho chionn dà bhliadhna a chur an gnìomh fhathast.
Sheall an aithisg aig Deloitte gun robh laigsean bunaiteach ann an dòighean-obrach a' bhùird.
"Bha suas ri 60 gnìomh ann agus chaidh an uairsin tuilleadh a chur ris an sin agus mus tàinig deireadh na coinneimh bha seachd gnìomhan eile air a choileanadh," thuirt Ms NicAonghais.
"Chan eil air fhàgail ach glè glè bheag, trì no ceithir, a-mach à 60 dhe na gnìomhan a tha sin.
"'S e an rud as cudromaiche gu bheilear a' dèanamh nan gnìomhan ann an dòigh a tha a' toirt air aghaidh dòigh-obrach a' bhùird agus a bhith a' leasachadh na dòigh a tha am bòrd fhèin ag obrachadh. A thaobh 's gu bheil am bòrd nas làidire, nas tuigseile, nas èifeachdaiche, agus ag obrachadh cus cus nas fheàrr.
Fianais
"Tha fianais fad is farsaing againne bho Deloitte fhèin a thuirt aig toiseach na bliadhna gun robh iad gu mòr gu mòr air am brosnachadh agus toillichte anns an adhartas mhòr mhòr a chaidh a dhèanamh thairis air an ùine a chaidh seachad.
"Tha atharrachadh ann am buidheann daonnan a' toirt ùine mhòr agus nuair a thathar a dèanamh an seòrsa sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh air Bòrd na Gàidhlig tha tuigse aig a h-uile duine air gach taobh dheth gu bheil atharrachadh agus gluasad 's an dòigh seo ann an gnè buidhean a' toirt ùine.
"Gu seachd àraid mu tha thu ga dhèanamh ann an dòigh gu bheil e susbainteach agus gu bheil e leantaileach agus gu bheil e air a chur ann am bun-stèidh na buidhne," thuirt Ceannard na buidhne, Màiri NicAonghais.