
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba stòras ùr luach £2m do ghnìomhachasan agus do bhuidhnean coimhearsnachd an eileanan na dùthcha.
Gheibhear suas ri £150,000 de thaic-airgid bho Mhaoin Coimhearsnachd nan Eilean airson pròiseactan a tha ag amas air taic a chur ri eaconomaidh nan eilean agus pròiseactan a dh'fheuchas ris an carbon a thathar a' cleachdadh a lùghdachadh.
Tha an t-airgead a tighinn bhon £9.5m a dh'aontaich an riaghaltas airson Prògram nan Eilean 2021-22.
Thuirt Rùnaire nan Eilean, Mairi Gougeon: "Tha gach eilean sònraichte nan dòigh fhèin is mar sin tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' faicinn phròiseactan ùra a dh'aithnicheas na dùbhlain a tha mu choinneamh gach coimhearsnachd."
"Pròiseactan a bhios a' cumail taic ri obraichean, a bheir brosnachadh do choimhearsnachdan agus a chuideachas iad ann a bhith a' faighinn seachad air buaidh a' phandemic ann an dòigh a tha math dhan àrainneachd," thuirt Ms Gougeon.
Seasmhach
"Tha sinn a' coimhead airson pròiseactan a tha deiseil airson tòiseachadh air bun-structar a chruthachadh a bhios seasmhach agus a chumas taic ris na h-eileanan san àm ri teachd.
'S e 'Inspiring Scotland' a bhios a stiùireadh na Maoin Coimhearsnachd agus feumar iarrtasan a chur thucasan.
Feumaidh stiùireadh coimhearsnachd a bhith aig na pròiseactan.
Thuirt Ceannard 'Inspiring Scotland', Celia Tennant gun robh i air leth toillichte a bhith ag obair còmhla ris an riaghaltas airson Plana Nàiseanta nan Eilean a lìbhrigeadh.
"Cuidichidh Maoin Coimhearsnachd nan Eilean gnìomhachasan agus coimhearsnachdan ionadail ann a bhith a' leasachadh na h-eaconomaidh aca fhèin agus obraichean a chruthachadh ann an dòigh a tha cùramach agus mothachail dhan àrainneachd," thuirt Ms Tennant.
Thathar ag iarraidh iarrtasan ron 16mh den Iuchair 2021.
Feumaidh pròiseactan a bhith air an crìochnachadh ron 31mh den Mhàrt 2022.